Runrig

Runrig - T r A Mhurain lyrics

rate me

<b>Tìr A' Mhurain</b> by <i>Runrig</i><br />ìr a' Mhurain

Tìr a' Mhurain

Tìr a' Mhurain

Trobhad is coisich rium

Ri taobh a' chuain

Is seallaidh mi dhuit

Tìr a' Mhurain

Fàilte gu mo dhàn

Sìol is meas nam bàrd

Am foghar bha feitheamh orm

Bho an là a bha mi òg

Trobhad is coisich rium

Ri taobh a' chuain

Is seallaidh mi dhuit

Tìr a' Mhurain

Fàilte gu mo thìr

Eilean geal an iar

An t-àite a chì gach tuigse is fìrinn

Glaiste 'na mo chridhe

Trobhad is coisich rium

Ri taobh a' chuain

Is seallaidh mi dhuit

Tìr a' Mhurain

Fàilte gu mo chainnt

Is I dh'ionnsaich mi 'nam phàisde

Cànan uasal mòr nan Gàidheal

Mar bhratach dhomh gach là

Trobhad is coisich rium

Ri taobh a' chuain

Is seallaidh mi dhuit

Tìr a' Mhurain

Is ged a dh'fheuch iad ri cur as dhuinn

Chì mo theaghlach cnoc nan linn

Is ged tha ar cànan leònt' le strì

'S an tìr seo bidh I beò

Trobhad is coisich rium

Ri taobh a' chuain

Is seallaidh mi dhuit

Tìr a' Mhurain

Get this song at:  amazon.com  sheetmusicplus.com

Share your thoughts

0 Comments found