Runrig

Runrig - Foghar nan Eilean '78 lyrics

rate me

Tha na duilleagan a' dannsa

Bho na craobhan anns a' ghaoith

Foghar donn ar bliadhn' air tionndadh

Nis tha luchd an t-samhraidh ma sgaoil

Sona dh'fhàg thu mi le m'eilean

'S leam na lochan is na bàigh

Mo cridh' aig tàmh air beanntan geamhraidh

Nis tha luchd an t-samhraidh ma sgaoil

Foghar nan eilean

Foghar mu thuath

Gheibh sinn beatha mar a chleachd sinn

Mas tàinig an t-sluagh

Bidh am fraoch air nam beanntan

'S a choille ruadh fon ghrian

'S iad a' sealltain dathan dhomsa

Gus an till iad a rithe

Tha an latha seachad, buintean dùinte

Gheibh an caisteal fois na h-oidhch'

Gheibh an t-airgead cadal socair

Nis tha luchd an t-samhraidh ma sgaoil

Mar a dh'atharraich iad ar beòshlaint

Mhill iad dualchas cainnt 's ru dòigh

Ach fhoghair, crathaidh mi do làmh

Nis tha luchd an t-samhraidh ma sgaoil

Foghar nan eilean

Foghar mu thuath

Gheibh sinn beatha mar a chleachd sinn

Mas tàinig an t-sluagh

Bidh am fraoch air nam beanntan

'S a choille ruadh fon ghrian

'S iad a' sealltain dathan dhomsa

Gus an till iad a rithe

Get this song at:  amazon.com  sheetmusicplus.com

Share your thoughts

0 Comments found