Runrig

Runrig - Fichead Bliadhna / Na Luing air Seòladh lyrics

rate me

FICHEAD BLIADHNA

Ruith 'sa mhonadh

Ruith nam beann

'S mar sin dhan sgoil aig deireadh samhraidh

'Nar clann

Aig còig bliadhna dh'aois

'S gun facal beurla 'nar ceann

"Seo do leabhar

Sea do pheann

Dèan do leasan," thuirt iad riumsa

"Is gun èirich sibh suas anns an t-saoghal

'S gheibh sibh an adhart ann"

Fichead bliadhna airson fìrinn

B'fheudar dhomh feitheamh

'S b'fheudar dhomh lorg

Fichead bliadhn' de bhreugan

Thug iad eachdraidh air falbh bhuainn

Dh'ionnsaich sinn a leithid ann

Cànan 's bàrdachd, bàrdachd Bheurla

Ceòl na Gearmailt

Eachdraidh na Spàinn

'S b'e sin an eachdraidh mheallt

Bhon sgoil do'n oilthigh chaidh sinn ann

A' leantail foghlam, tuilleadh foghlam

Mar amadan air deireadh sreang

Seòrsa de dh'fhoghlam 'nam cheann

Fichead bliadhna airson fìrinn

B'fheudar dhomh feitheamh

'S b'fheudar dhomh lorg

Fichead bliadhn' de bhreugan

Thug iad eachdraidh air falbh bhuainn

Ach dh'èirich mi suas anns an t-saoghal

Fhuair mi deise, 's fhuair mi lèine

Fhuair mi àite ann an sùilean dhaoin

Fada bhon mhonadh mi 'n-drasd'

Carson a chùm iad eadchraidh bhuainn

Innsidh mi dhut, tha iad gealltach

Mas èirich clann nan Gàidheal suas

Le cèistean sireadh is cruaidh

Fichead bliadhna airson fìrinn

B'fheudar dhomh feitheamh

'S b'fheudar dhomh lorg

Fichead bliadhn' de bhreugan

Thug iad eachdraidh air falbh bhuainn

Nuair a thoisich mi air lorg

Cha do chreid mi mo shùilean

Obair olc

NA LUING AIR SEÒLADH

[Instrumental]

Get this song at:  amazon.com  sheetmusicplus.com

Share your thoughts

0 Comments found