Runrig

Runrig - An Ataireachd Àrd lyrics

rate me

An ataireachd bhuan

Cluinn fuaim na h-ataireachd àrd

Tha toirm a' chuain

Mar chualas leam 's e nam phàisd’

Gun mhùthadh, gun truas

A’ sluaireadh gainneamh na tràgh'd

An ataireachd bhuan

Cluinn fuaim na h-ataireachd àrd

'S na coillten a’ siar

Chan iarrain a fhuireach gu bràth

Bha m'inntinn 's mo mhiann

A-riamh air lagan a’ bhàigh

Ach iadsan bha fialaidh

An gnìomh an caidreamh 's an àgh

Air sgapadh gun dìon

Mar thriallas ealtain roimh nàmh

Ach suibhlaidh mi uat

Cha ghluais mi tilleadh nad dhàil

Tha m'aios is mo shnuadh

Toirt luaidh air giorrad mo là

An àm dhomh bhi suaint’

Am fuachd 's an cadal a’ bhais

Mo leabaidh dèan suas

Ri fuaim na h-ataireachd àrd

Get this song at:  amazon.com  sheetmusicplus.com

Share your thoughts

0 Comments found