Runrig

Runrig - Chì Mi 'n Tìr lyrics

rate me

Chì mi' n tìr 'san robh mi nam bhalach

'M bàrr a' chruinn 's Leac a' Li nam shealladh

Chì mi 'n tìr 'san robh mi nam bhalach

A tìr nan Suaineach a rinn sinn gluasad

'S i leinn an uair tighinn tuath air Scalpaigh

Chì mi 'n tìr 'san robh mi nam bhalach

Nam faighinn òrdugh gur mi bhiodh deònach

A’ gheòla loradh 's a seòladh dhachaidh

Chì mi 'n tìr 'san robh mi nam bhalach

Chì mi 'n iasgair aig ceann nan lìon

Is gu'm b'e mo mhiann bhith 'sa chiar 'gan tarraing

Chì mi 'n tìr 'san robh mi nam bhalach

Chì mi Manais is Ceann an t-Sàile

Caolas Bhearnaraigh is tràighean Phabaidh

Chì mi 'n tìr 'san robh mi nam bhalach

An sin thuirt Eoghainn 'se tighinn 'nam chòmhdhail

“Nach seall thu 'n Godaigh aig Sròn na Hearradh?”

Chì mi 'n tìr 'san robh mi nam bhalach

Nuair thig an Dùbhlachd gun fag mi ‘n Suna

Is e mo dhùil a dhol, le sunnd, dom dhachaidh

Chì mi 'n tìr 'san robh mi nam bhalach

Chì mi 'n tìr 'san robh mi nam bhalach

'M bàrr a' chruinn 's Leac a' Li nam shealladh

Chì mi 'n tìr 'san robh mi nam bhalach

Get this song at:  amazon.com  sheetmusicplus.com

Share your thoughts

0 Comments found