Runrig

Runrig - An Ròs lyrics

rate me

Ged 's brèagha an ròs le dhuilleagan sìoda

Fàileadh cho cùbhraidh, cùbhraidh bho chridh'

Na buain e ri'd mhairean oir nì e do mhealladh

Tha dubhan geur puinnsein, geur puinnsein fo sgeith.

Chreid mi na briathran, a h-uile nì riamh dheth

Gur brèagha 's gur cùbhraidh, cùbhraidh am blàth

Bhuain mi am flùran, mar Adhamh an ùbhlan

'S leònadh mo chridhe, mo chridhe gu bràth.

Tha mi nis a' crìonadh is m'inntinn air phianadh

'S mo shùilean a sìor, sìor shileadh dheur

'S ged 's tric rinn mi gàire, tha sin nis air an fhaire

'S mo chridhe briste brùite, briste brùite gu leòr.

Ged 's brèagha an ròs le dhuilleagan sìoda

Fàileadh cho cùbhraidh, cùbhraidh bho chridh'

Na buain e ri'd mhairean oir nì e do mhealladh

Tha dubhan geur puinnsein, geur puinnsein fo sgeith.

Get this song at:  amazon.com  sheetmusicplus.com

Share your thoughts

0 Comments found