A Rèiteach

Your rating:
Bidh mo leannan geal is àlainn
Le briathran geallaidh thar chàich
Bidh sinn drùidhe an smùid an aoibhnis
An oidhche phòsas mo rùn

Nam shuidhe cluinntinn ceòl a' rèitich
'S duilich cuir an aghaidh dàn
A' feitheamh son na làmh a' mhaireas
An oidhche phòsas mo rùn

Togaidh sinn hòro-ghealaidh
Hòro-ghealaidh hòro togaidh
Sinn hòro-ghealaidh
Hòro-ghealaidh hòro

Tog glainne mhòr na slàinte
Thoir an cearcall chun an làr
Thèid sinn cuairt taobh cùil na gealaich
An oidhche phòsas mo rùn

Tha i na seasamh aig a' rèiteach
Thèid na reultan bun os cionn
'S thèid a' ghrian air chall gu madainn
An oidhche phòsas mo rùn

Togaidh sinn hòro-ghealaidh
Hòro-ghealaidh hòro togaidh
Sinn hòro-ghealaidh
Hòro-ghealaidh hòro
Get 'A Rèiteach ' at: amazon.com  sheetmusicplus.com

Share your thoughts

No comments here yet... Be the first to give your opinion!