Clannad

Clannad - Dheanainn Sugradh lyrics

rate me

Dhèanainn sùgradh ris an nighinn duibh

'N-dèidh dhomh èirigh às a' mhadainn

Dhèanainn sùgradh ris an nighinn duibh

Dhèanainn sùgradh ris a' ghruagaich

Nuair a bhitheadh an sluagh nan cadal

Dhèanainn sùgradh (aig) an àm dùsgadh

(Aig a)n àm na siùil a bhith gam pasgadh

Di-Luain an-dèidh Di-Dòmhnaich

Dh'fhalbh sinn le Seònaid (à) Arcaibh

Bha muir ghorm a' ruith fo (a) cuinnlean

'S i (a') cur still à grunnd an aigeil

Riof ga ceangal 's riof ga fuasgladh

Muir ma ghuallainn fuaim is fead oirr(e)

Null mu chaolas na Ròimh

B' fheudar dhuinn am bòm a làiseadh

Null mu chaolas na Fraing

Maide na làimh, gaoth ga greasad

Cha robh ròpa feum a splaidseadh

Air mo mhàighdeann ri tighinn dhachaigh

Dh'fheumadh pòrsan thighinn à buth dhith

Ged a bhithead e crùn an cairteal

Ged a bhitheadh e crùn an òirleach

Dh'fheumadh pòrsan dheth thighinn dhachaigh

Get this song at:  amazon.com  sheetmusicplus.com

Share your thoughts

0 Comments found